Planaig an ath-thuras agad le Copilot


Comharraicheamaid na rudan mòra a thachair ann an 2024
Chuidich Edge le bacadh còrr is 1.4 billean ionnsaigh fiasgaich, bathair-bhog dhroch-rùnaich is meallaidh le gleusan tèarainteachd na bhroinn
Chuidich Edge le dìon còrr is 7.3 billean facal-faire gach mìos le monatair nam faclan-faire
Chaomhainn luchd-cleachdaidh Edge còrr is 7 trillean meaga-baidht le gleus cadal nan tabaichean
Cho-roinn luchd-cleachdaidh Edge 46 millean teachdaireachd ⁊ faidhle eadar na h-uidheaman aca le Drop
Rùraich mar a chuidicheas Edge thu ach an coilean thu do rùintean 2025:
Planaig an ath-thuras agad le Copilot

Cuidichidh Copilot thu le taghadh àite ’s planadh a’ chlàir-shiubhail agus bheir e misneachd dhut airson an ath-ghluasad agad.
Cuiribh turas air dòigh còmhla le spàsan-obrach

Sàbhail is cuir air dòigh na beachd-smuaintean, planaichean is clàran-siubhail air an aon àite ach an inntrig, stiùirich is co-roinn thu a h-uile fiosrachadh siubhail agad gun duilgheadas. Airson toiseach-tòiseachaidh, briog air clàr-taice nan spàsan-obrach taobh clì aig a’ bhàrr.
Caomhain ùine nuair a bhios tu a’ lìonadh foirmichean dòrainneach

Lìon foirmichean siubhail gu fèin-obrachail le fiosrachadh air a shàbhaladh ach an cuir thu crìoch air bucaidhean ’s glèidhidhean nas luaithe ’s gun duilgheadas. ’S urrainn dhut fiosrachadh ballrachd nam prògraman dìlseachd agad a shàbhaladh cuideachd ach am faigh thu puingean nuair a nì thu bucadh.
Cuir na tabaichean agad air dòigh le AI

Tòisich air a’ bhliadhna ùr le brabhsair ann an rian. Le buidhnean thabhaichean, ’s urrainn dhut na tabaichean agad a ghnàthachadh le ainmean ’s dathan ach an lorg thu an t-susbaint agad gu luath.

Faigh grèim air na làraichean as annsa leat gu sgiobalta gun fheum air fosgladh a’ bhrabhsair. Tagh làraichean an-seo gus am prìneachadh an-dràsta.
Stiùirich an dòigh air an seall thu na tabaichean le tabaichean inghearach

Lorg barrachd air an sgrìn agad agus stiùirich tabaichean o thaobh na sgrìn agad. Airson na tabaichean inghearach a chur air, tadhail air clàr-taice gnìomhan nan taba.
Tòisich air ionnsachadh sgil ùir

Iarr air Copilot gun dèan e plana dhut air mar a leasaicheas tu an ath-chur-seachad no sgil agad.
Èist ris na tha thu a’ brabhsadh

Leughaidh Microsoft Edge duilleag-lìn sam bith os àrd dhut. Leis an duilleag agad fosgailte, dèan briogadh deas no brùthadh is cumail àite sam bith air an duilleag. Tagh “Leugh os àrd”.

Cuidichidh an leughadair làn-tumaidh le toirt air falbh nam buairidhean agus atharraichidh e an duilleag agad a-rèir nan roghainnean leughaidh agad. Airson seo fheuchainn, briog air a’ phutan air bàr an t-seòlaidh. ’S urrainn thu a chleachdadh air Edge mobile cuideachd.
Lorg reasabaidh foirfe

Cuidichidh Copilot thu le planadh nam miasan le cuingeachaidhean bìdhe sònraichte, sgilean còcaireachd is roghainnean eile mu bhiadh. ’S urrainn dhut cabadaich le Copilot le briogadh air ìomhaigheag Copilot san oisean deas aig a’ bhàrr ann an Edge cuideachd.
Cruthaich na gnàthasan as fheàrr dhut-sa

Cuidichidh Copilot thu ach an cruthaich thu gnàthasan pearsanaichte a tha nas fhallainne. Fiù ’s mur eil spùt agad càit an tòisicheadh tu, ’s urrainn dhan Copilot do chuideachadh leis na ciad ceuman.
Dèan do ghnàthasan air loidhne nas fhallainne

Is aon de na gnàthasan as duilghe leigeil seachad an eisimeileachd againn air faclan-faire. Tòisich am bliadhna ùr gu làidir le dìon na dearbh-aithne digitich agad le Wallet. Leigidh Wallet leat dearbh-aithne dhigiteach thèarainte a shuidheachadh a chumas na faclan-faire ’s na cunntasan agad sàbhailte.
Caomhain airgead le cùponan

Caomhain airgead sa h-uile àite is tu ri seopadaireachd ann am Microsoft Edge. Nuair a chuireas tu nithean ris a’ chairt agad, sganaidh Edge an eadar-lìon airson cùponan agus còdaichean lasachaidh as urrainn dhut a chur an sàs nuair a nì thu seacadh a-mach.
Lorg na prìsean as fheàrr air loidhne

Dèan seopadaireachd tapaidh agus caomhainn barrachd. Nì coimeas nam batharan lorg air an lìon airson nam prìsean air loidhne as fheàrr a lorg agus leigidh e fios dhut nuair a bhios na tha fa-near dhut ri fhaighinn air prìs nas ìsle àite sam bith eile.
Coisinn dhuaisean le Edge

Coisinn puingean do chairtean prèasaint o na branndaichean as annsa leat, faigh crainn sa chrannchur is mòran a bharrachd nuair a thèid thu nad bhall ann am Microsoft Rewards.
